Huntlaidh 4 Inbhir Narann 6 - Sgioba Siorrachd Narann a' libhrigeadh toileachais 's fìor-bhrìgh ioma-fhillte na chois

Bho thaobh neach leantainn, nuair a bhuannaich Siorrachd Narann feasgar an-dè aig Huntlaidh, chuir sin làmh air an Holy Grail. Dh'fhalbh luchd-leantainn Siorrachd Narann gu slaodadh as dèidh a' gheama as dèidh a thàinig an cluicheadairean don ionnsaidh gus a bhuail am basan air an son. Bha iad bruidhinn ri chèile aig deireadh a' gheama - geama a chaidh na fhaoinsgeul fiu's mus robh e seachad. Chan eil na faclan ann, bha e mar gum bidh nach robh sin buileach cinnteach gun robh e fìor, gun robh a h-uile càil a chunnaic sinn mu ar beulaibh air a thachairt ann an dha-rìreabh. “Do-chreidsinneach” sgrìobh Graeme MacLeòid air làrach a' cluba.


An sgioba ùr air a thogail bhon luaithre nuair a dh'fhàg na sponsairean mòra aig toiseach an sèasan an aghaidh sgioba Huntlaidh le ceithir seann “reultan” Siorrachd Narann na bhroinn. Chunnaic sinn dealas agus sraon, an toil amh dìreach a bhith a' cluich son an lèine. Thànaig am barr measgachadh nach gabh ceannaich le airgead a sreub Huntlaidh as chèile. Bha fìor-bhrìgh uabhasach ann – fìor-bhrìgh a bha ioma-fhillte cuideachd. Gach mìle air ar rathad dhachaigh bha sinn fhathast a' toirt a-steach de cho cudromach 's bha e agus abair thusa gu bheil dheagh shunnd fhathast mu thimchioll oirnn sa mhadainn seo.

"Gum bi Oidhche Shamhna mhath agaibh uile! " Comhairle na Gàidhlig

Deoch-slàinte  do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte


A' cur fàilte air na h-oidhcheannan dorcha le lasraichean, tiops, brot agus lionn-ubhal. Lionn-ubhal “tioram” gus a bhith ceart. Agus beagan uisge ann ach na duilleagan uaine fhathast uile air na h-uinnsinn os ar cionn air an 15mh latha den Dàmhair a tha seo. An cruinn-cé a' blàthachadh 's an oidhche cuideachd le na dathan a' dannsadh, math a bhith beò, math a bhith fhathast ann. A' gabhail deoch-slàinte do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte agus a' bhocsa bheag ud nam bhroinn a' cumail suil air mo chridhe.

Gàidhlig aig Baile - modh teagaisg a th'aca ann an Alba Nuadh


 Tuilleadh fiosrachaidh mu a dheidhinn air an duilleag air an duilleag a tha seo. 

Bretagne Réunie - Manifestation annuelle 2016 - Muinntir Naoned a' gabhail na sràidean orra

Muinntir sgire Naoned a' gabhail nan sràidean orra. Chan eil riaghaltas Paris gam faicinn mar phàirt den Bhreatainn Bhig. Saoil air Alba gun Dun Eideann no Glaschu na bhroinn agus sin cimar a tha cuisean thall an sin.

Seilcheag /ʃeleçag/ boir. gin. -eige, iol. -an 1 snail 2 slug

Dh'fhag mi aon de na courgettes againn aig an doras - abair thusa gur e mearachd nach bu bheag a bha siud. Co dhiù bha coltas toilichte riaraicte aca.

Tha cruaidh fheum againn air Lidl ann an Inbhir Narann

Cha bhi sin fada tarsainn stairsneach 2014 nuair a chìthear iarrtas dealabhachaidh a-steach do Chomhairle na Gaidhealtachd son oll-mhargaid Lidl aig Baile Mac Càidh.  A-reir nam planacihaean bidh aonadan eile agus pub le tigh-bìde. Gu pearsanta tha mi coma mu dheidhinn nam aonadan eile agus a’ phub ach rud a dh’fhaodadh sibh a bhith cinnteach às agus ‘s e sin gu bheil fìor chruaidh fheum again air Lidl sa bhaile seo. 

Bidh fhios aig an fheadhainn a tha fortanach gu leòr a dhol gu Lidl ann an Inbhir Nis no Forrais gum faigher mòran rudan aig prìs nas saoire ann an Lidl. Chanainnsa nach biodh dad car le beagan a bharrachd co-fharpais do Sainsburys agus na Co-ops again ann am baile far a bheil 24% de chloinne beò ann am bochdainn. A bharrachd air sin dh’fhaodadh tu a ràdh gum bi a mhòr-cuid mhuinntir a’ bhaile air a shon ach a dh’aindeoinn a leithid taic a bheil e buailteach tachairt?


Tha am Buidhean Gnothachas Inbhir Narann (ANB) air cur an aghaidh Lidl aig Baile Mac Càidh agus iadsan làidir den bheachd nach e an t-àite ceart a tha e. Bidh iadsan airson làrach aig teas mheadhann a’ bhaile. Nach ann an sin ach aisling a bha iomchaidh do na 80s agus 90s nuair a bha a leithid cothruim ann? Ghluais cùisean air adhart ge-tà agus chan eil àite ann a nis air cul na prìomh shràid son an lorg coise a bhiodh aig buth Lidl àbhaisteach. Bidh feadhainn a’ cumail a mach nach ann aig an seasamh aig an ANB ach dòigh gus Lidl a dhiùltadh.

Tha eagal air an ANB gum dèan Lidl sgrios air slainte na prìomh shràid ach cha do thachair sin nuair a thig Sainsbury’s agus nach eil airgead aig an luchd-obrach sin gus a dhol sìos dhan phrìomh shràid le beagan nam phochaidean?

A-nis de a nì na chomhairleachan againn? An tèid iadsan leis an ANB no aig beachd a’ mhòr chuid? Thoir sùil air An Gearastan far an deach Chomhairle na Gaidhealtachd le parc bhùithtean beagan taobh a-muigh. Saoilidh mi ma gabhas comhairlichean Inbhir Narann an aghaidh Lidl bidh buaidh nach bu bheag air an cuid cliù – gu h-àraidh nuair a bhios iad a’ lorg bhòtaichean a-rithist.

Ma tha muinntir Inbhir Narann son Lidl fhaicinn feumaidh iad fhathast beagan spàirn a dhèanamh; ma chuireas gu leòr dhiunn litir taic a-steach no beachd air e-planning nuair a thig an t-iarrtas dh’fhaodadh sin a’ chùis a dhèanamh.

Dol fodha na grèine Inbhir Naran 29 an t-Sultain

Air 18 Sultain 2014, eadar na h-uairean 7m agus 10f

"Air 18 Sultain 2014, eadar na h-uairean 7m  agus 10f, bidh làn chumhachd uachdarail ann an làmhan muinntir na h-Alba.  Feumaidh iad roghainn a ghabhail: an  cumhachd sin a ghlèidheadh aca fhèin, air  neo a chur air falbh gu àite far nach bi iad,  mar mhion-shluagh, ach lag agus gun  bhrìgh gu sìorraidh buan gu bràth." 

 Jim Sillars

An reifreann - Eadar dà bheachd? Leugh an Leabhar Beag Gorm

wbbgael

Seo far a bheil e  ann an cruth PDF.

Saoil a dh'fhaodadh seo a' tachairt aig a' bhall-coise ann an Alba?

Seall air an dealbh a tha seo air duilleag Facebook Equipe de Bretagne de Football.

Dà bhlog eile a thachair mi air

Air adhbhar air choireigin chunnaic mi tweet bho "Indigenous blogs" agus nuair a lean mi air dhan làrach aca mhothaich mi gun robh dà bhlog Ghàidhlig ann nach robh mi eolach air gu ruige seo. Am faca tu " An t-Seòlaid. Leabhraichean, naidheachdan agus craic gu leòr!" no "Gàidhlig aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig" ?